Taic a dhìth air Fèis a' Bhaile

  • 27 An Giblean 2017
Fidheall

Bidh coinneamh èiginneach ann an Inbhir Nis oidhche Ardaoin feuch daoine a lorg do chomataidh Fèis a' Bhaile.

'S e fèis a tha seo a tha air a bhith a' dol fad 25 bliadhna, is i gu sònraichte ag amas air cloinn gun Ghàidhlig eadar aois 8-18 bliadhna, à Inbhir Nis agus na sgìrean timcheall air a' bhaile.

'S ann anns an Damhair gach bliadhna a bhios an fhèis.

Tha Fèis a' Bhaile a-nise ann am beagan de staing, ge-tà, is cathraiche, iar-chathraiche, rùnaire agus ionmhasair a dhìth airson a cumail a' dol.

"Mar a shaoileadh tu le comataidh sam bith, 's e rud gu math nàdarra a th' ann gum bi daoine a th' air a bhith na lùib 'son ùine mhòir, gun seas iad sìos agus gum bi daoine ùra a' tighinn na lùib", thuirt oifigear leasachaidh Fèisean nan Gàidheal, Karen Oakley.

"Tha trèanadh ri fhaighinn bhuainn agus stiùireadh, is 's e a tha mi an dòchas gun tig iomadach diofar dhaoine air adhart, ge bith dè an aois a tha iad", thuirt i.

Dh'aidich Fèisean nan Gàidheal gu bheil cunnart ann, mura tig daoine air adhart, nach tèid fèis na bliadhna seo air adhart.

Tha iad dòchasach nach ruig a' chùis an ìre sin.

"Cha bhi fèis ann às aonais comataidh - sin fìor airson gach fèis a th' ann", thuirt Karen Oakley.

"Tha sinn air oidhirp mhòr a dhèanamh gus a bhith a' bruidhinn am measg dhaoine agus tha mi misneachail gun tig daoine na lùib", thuirt i.

Bidh a' choinneamh Diardaoin ann an Ionad Crìosdaidheachd Chùil Daothail ann an Inbhir Nis aig 7:00f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile