Òraidichean colaiste air stailc

  • 27 An Giblean 2017

Tha dùil gun toir stailc le òraidichean colaiste buaidh air oileanaich air feadh Alba Diardaoin.

Tha aonadh an EIS a' gearain gu bheil beàrn mhòr ann eadar ìrean-pàighidh aig diofar cholaistean, agus nach deach aonta a chaidh a dhèanamh an-uiridh airson sin a leasachadh a chur an sàs.

Thàinig còmhraidhean a bha ag amas air rèite a ruighinn gu ceann Dihaoine, gun aonta.

Thuirt Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean gur ann air na colaistean aca ann an Inbhir Nis, Steòrnabhagh, Inbhir Ùige, Eilginn agus Peairt a bhios a' bhuaidh as motha.

"Briseadh-dùil"

Thuirt buidheann-riochdachaidh nan colaistean gu bheil e na fhìor bhriseadh-duil dhaibh gun tèid an stailc air adhart.

Thuirt Rùnaire an EIS, Larry Flangagan, ge-tà, gu bheil òraidichean air a bhith a' feitheamh gu foighidneach fad bliadhna, agus nach robh iad ag iarraidh ach gun deadh na chaidh a ghealltainn dhaibh a choileanadh.

Mura tèid aonta a ruighinn, tha dùil ri barrachd stailcean bhon ath-sheachdain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile