Bliadhna shoirbheachail aig Urras Oighreachd Bharabhais

  • 27 An Giblean 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Tha Urras Oighreachd Bharbhais ann a Leòdhas air an oighreachd aca fhèin a cheannach às dèidh còrr is £600,000 a phàigheadh do bhanca an uachdarain.

Tha Urras Oighreachd Bharabhais ann an Leòdhas a' comharrachadh gu bheil bliadhna ann bho ghabh iad smachd air an oighreachd.

Tha còrr is 36,000 mìle acair anns an oighreachd.

Tha dithis a-nis ag obair dhaibh, 's na dreuchdan air am maoineachadh fad dà bhliadhna le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean 's buidhnean eile.

Thuirt Rùnaire an Urrais, Aonghas MacLeòid, gu bheil iad am beachd àite a dhèanamh do bhanaichean-campachaidh agus teantaichean air a' mhachaire ann am Barabhas, 's iad a' coimhead an-dràsta ris na chosgadh sin.

Còirichean iasgaich

Tha an t-Urras air feuchainn dà thuras ri còirichean iasgaich na h-oighreachd a cheannach, ach thuige seo cha deach leotha.

Thuirt Aonghas MacLeòid ge-tà, gur dòcha gum feuch iad a-rithist an ceann sreath.

"Ann am bliadhna, 's dòcha, feuchaidh sinn a-rithist, ma tha cùisean air atharrachadh beagan".

"Feumaidh sinn sealltainn gun dèan sinn feum leis an airgead".

Tha Mgr MacLeòid a' dèanamh dheth gu bheil muinntir na h-oighreachd toilichte gu bheil an talamh a-nis nan làmhan fhèin.

"Chan eil teagamh sam bith ann nach eil e a' toirt cofhurtachd mhòir dha tòrr dhaoine gu bheil an talamh aca fhèin a-nis - nach urrainn dha duine eile a reic bho os an cionn mar gum biodh - gu bheil control mar a chanadh tu aca fhèin air an talamh."

"Saoilidh mise gu bheil daoine gu math toilichte le sin".

Tuilleadh air an sgeulachd seo