Bhòtadh an taghaidhean nan Comhairlean

  • 26 An Giblean 2017
Suaicheantas taghaidh 2017
Image caption Tha an taghadh air 4mh An Cèitean

'S e siostam Riochdachaidh Co-roinneal a thathas a' cleachdadh airson nan taghaidhean comhairle - A' Bhòt Shingilte Ghluasadach.

'S e na taghaidhean Comhairle an Alba ann an 2007 a' chiad uair a chaidh an siostam a chleachdadh aig taghadh mòr ann am Breatainn.

Tha e eadar-dhealaichte seach dòighean taghaidh eile a thathas a' cleachdadh.

Ciamar?

Uill, eu-coltach ri taghaidhean Holyrood neo taghaidhean Westminster, cha bhithear a' comharrachadh tagraiche neo pàrtaidh le, can, crois anns a' bhocsa.

An àite sin, 's e àireamhan a thathas a' cleachdadh - a-rèir ar miann.

Àireamh a h-aon air beulaibh a' chiad tagraiche a dh'iarradh sibh.

A' dhà mu choinneamh an dàrna tagraiche, agus mar sin air adhart.

Am feumar àireamh a thoirt dhan h-uile tagraiche?

Chan fheum.

Mur a h-eil sibh ag iarraidh ach bhòt a thoirt do dh'aon neach, tha sin ceart gu leòr.

Neo, faodaidh sibh àireamh a thoirt dhan h-uile duine air a' phaipear baileat - tha e an urra ribh fhèin.

Seadh. Tha mi air bhòtadh. Ciamar a thathas ga chunntadh?

Uill, tha na bhòtaichean gan cùnntadh gu h-eileactronigeach.

Tha àireamh shònraichte ga obrachadh a-mach a dh'fheumas na tagraichean a ruighinn mus tèid an taghadh - agus 's e sin, seo:

Image caption Mar a thèid an àireamh bhòtaichean a dh'fheumaiste, a stèidheachadh. Tùs: Coimisean an Taghaidh.

Ma gheibh cuideigin chun a sin, tha iad air an taghadh.

Ma tha barrachd bhòtaichean aca na an àireamh sin, tha na bhòtaichean a bharrachd sin an uairsin gan sgaoileadh am measg nan tagraichean eile - a-rèir nan àireamhan air a' phaipear bhaileat.

Ma tha seataichean fhathast ri lìonadh às dèidh seo, tha an fheadhainn as lugha bhòtaichean a' tuiteam a-mach às a' phròiseas.

Tha an uairsin na bhòtaichean aca-san gan roinn a-mach a-rèir nan àireamhan.

Tha am pròiseas sin a' leantainn an uairsin gus am bi na seàtaichean air fad sa uard air an lìonadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo