Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drabastachd Spòrs

Tha comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gum faodadh clann a bhith ann an cunnart leis nach eil an siostam a chaidh a dhealbh airson dìon a chur orra ann an spòrs ag obair mar a bu chòir. Agus tha Comataidh na Slàinte agus Spòrs a' fàgail air Comann Ball-Coise na h-Alba gu bheil iad nan cadal air a' chùis. Chuir a' Chomataidh rannsachadh air bhonn an dèidh chasaidean gun robh coidsichean a' gabhail brath, ann an seadh drabasta, air òigridh. Thuirt Comann Ball-Coise Òigridh na h-Alba gu bheil iad a' cur sàbhailteachd òigridh aig cridhe a h-uile dad a nì iad, agus gun toir iad sùil mhionaideach air an aithisg. Cha tuirt Comann Ball-Coise na h-Alba dad mun chùis fhathast.

Foill Ball-Coise

Rinn oifigearan cuspainn rèad air clubaichean ball-coise West Ham United agus Newcastle United, an dèidh rannsachaidh mu chasaidean co-cheangailte ri foill ann an cìs teachd a-steach agus àrachas nàiseanta. Chaidh na h-uimhir de dhaoine a chur an grèim mar phàirt de rannsachadh anns a bheil na h-ùghdarrasan anns an Fhraing an sàs cuideachd.

An t-Oll. Urr. Iain D. Caimbeul

Chaidh Clèir na h-Eaglaise Saoire anns na h-Eileanan an Iar às àicheadh gun do dh'fheuch iad ri cùisean ann am beatha phrìobhaidich an Urr. Iain D. Caimbeul nach maireann a chumail am falach. Thàinig a' Chlèir dhan cho-dhùnadh an-dè nach robh caitheamh-beatha Mhgr Chaimbeul aig ìre ris am biodh dùil bho mhinistear Chrìosdaidh. Chaidh triùir bhoireannach anns an eaglais a chronachadh. An dèidh làimhe chaidh clàrc na Clèir, an t-Urr. Seumas MacÌomhair, às àicheadh gu làidir gun do dh'fheuch iad ris an fhìrinn a chleith.

Cìsean Adhair

Ghabh am bile a bheir smachd do Riaghaltas na h-Alba air cìsean adhair a' chiad cheum ann an Holyrood an-raoir. Chuir a' Phàrlamaid taic ri reachdas a bheir cead dhan Riaghaltas na cìsean adhair aca fhèin a stèidheachadh. An-dràsta chan eil luchd-siubhail a tha a' falbh à puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' pàigheadh na cìse sin, ach tha an Riaghaltas airson sin a leudachadh gu luchd-siubhail a' tighinn a-steach dhan sgìre cuideachd.

Coirea a Tuath

Dh'iarr Sìona, an dùthaich as dlùithe càirdeis ri Coirea a Tuath, air na Stàitean Aonaichte sgur a thogail siostam dìon urchair ann an Coirea a Deas. Agus tha an Riaghaltas ann am Beijing ag iarraidh air muinntir Shìona sgur a cheannach stuth à Coirea a Deas mar pheanas airson an t-siostaim dìon sin.

Stafainn

Thuirt Urras an Taobh Sear anns an Eilean Sgitheanach gu bheil iad deiseil airson tagradh ri Pàrlamaid na h-Alba, ma dh'fheumas iad, airson cead fhaighinn do phlana airson sia taighean agus goireasan eile a thogail ann an Stafainn. Dh'iarr a' bhuidheann cead-dealbhachaidh an t-seachdain seo, ach tha coltas ann gum faodadh Dualchas Nàdair na h-Alba cur na aghaidh. Tha an t-Urras ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum air taigheadas anns an sgìre.