Cha robh caitheamh-beatha an Oll. Urram. Iain D. Chaimbeul a-rèir teagasg a' Bhìobail
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cha robh caitheamh-beatha an Oll. Urr. Iain D. Chaimbeul a-rèir teagasg a' Bhìobail

26 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fhuair Clèir na h-Eaglaise Saoire sna h-Eileanan Iar nach robh caitheamh-beatha an Oll. Urr. Iain D. Chaimbeul nach maireann, a' tighinn a rèir teagasg a' Bhìobaill neo chun na h-ìre ris am biodh dùil bho mhinistear Chrìosdaidh.

'S ann bho theaghlach a thàinig na casaidean na aghaidh a' gabhail a-steach ceathrar bhoireannach - a' dol air ais gu 2010.

Aig deireadh rannsachaidh a rinn dà sheisean, cho-dhùin iad gum bu choir triùir bhoireannach a smachdachadh.

Choinnich a' chlèir Dimàirt ann an Steòrnabhagh agus bhruidhinn Eilidh NicLeòid ri fear de na buill, an t-Urr. Seumas MacÌomhair, às dèidh làimhe.