Dragh mu obair iùil aig puirt adhair na Gàidhealtachd

  • 26 An Giblean 2017
HIAL

Tha ceannardan aonaidh air dragh a thogail mu phlanaichean gus atharrachadh a thoirt air na seirbheisean iùil aig cuid de phuirt adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha a' bhuidheann Puirt adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean Earranta neo HIAL ag ràdh gu bheil iad a' rannsachadh chothroman a tha an cois teicneòlasan ùra.

Tha an t-aonadh Prospect air rabhadh a thoirt gu faodadh seo a bhith ciallachadh gun deadh obraichean aig àrd inbhe a chall ann an coimhearsnachdan iomallach.

Thuirt Prospect gun deach fiosrachadh a thoirt don luchd-obrach aig HIAL mu bhith toirt gu ceann seirbheisean iùil anns na h-eileanan.

Tha seo a' gabhail a-steach Steòrnabhagh ann an Leòdhas, Beinn na Fadhla, Baile na h-Eaglaise ann an Arcaibh agus Sumburgh ann an Sealtainn.

Fo na molaidhean, dh' fhaodadh siostam iùil aig astar air a'stiùireadh ann an aon àite a bhith air a chuir air dòigh an àite luchd obrach ionadail.

Iomagain

Tha ceannardan aonaidhean ag ràdh gu bheil iomagain orra mu chomasan teicneòlais 's na h-eileanan gus dèiligeadh ris an leithid de shiostam.

Tha iad cuideachd a' cumail a-mach gu bheil e na dhleasdanas air HIAL taic a chumail ri na coimhearsnachdan anns a bheil iad stèidhichte le bhith a' tabhainn obraichean matha.

Thuirt HIAL gu robh iad aig ìre gu math tràth de rannsachadh air teicneòlas ùr a dh' fhaodadh cuir ri seasmhachd na seirbheis iùil.

Thuirt iad nach deach co-dhùnadihean sam bith a' rugihinn air a chùis.