Plana 'son taighean ùra an Stafainn

  • 26 An Giblean 2017
Stafainn

Thuirt Urras an Taobh Sear, ann an Tròndarnais san Eilean Sgitheanach, gu bheil iad deiseil gus tagradh a dhèanamh ri Pàrlamaid na h-Alba, nam biodh sin a dhìth, airson cead fhaighinn don phlana aca taighean a thogail san sgìre.

Tha iad an dòchas sia taighean còmhnaidh agus goireasan eile a thogail ann an Stafainn.

Chaidh iarrtas a-steach bhon bhuidhinn airson cead dealbhachaidh an t-seachdain seo.

Tha coltas ann gum faodadh Dualchas Nàdair na h-Alba cur an aghaidh a' phlana agus iad den bheachd nach bu chòir do thaighean a bhith air an togail faisg air a chèile air sgàth 's nach eil sin freagarrach airson sgìre mar seo.

Thuirt an t-Urras gu bheil cruaidh-fheum air taigheadas anns an sgìre.

Rinn iad rannsachadh air a' chuspair a fhuair gun robh mòran dhaoine air gluasad a Phort Rìgh a-mach às an sgìre ionadail agus gun robh sin air buaidh mhòr a thoirt air àireamh an t-sluaigh.

Tha Dòmhnall Dòmhnallach, a tha na bhall de dh' Urras an Taobh Sear, ag ràdh gu bheil e gu math cinnteach nach cuir a' chùis maill sam bith air na planaichean.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil iadsan air a bhith ag iarraidh deasbad am measg bhuidhnean poblach bho chionn bliadhna air a'phròiseact a tha seo agus gum bi sin cuideachail dhaibh ann an co-dhùnadh sam bith.

Thuirt e gu bheil iad deònach a chùis a thogail le ministearan an Riaghailtais mura faigh iad cead na Comhairle agus gu bheil iad dòchasach gum faigheadh iad taic bhuapasan.