Dàil eile ann an airgead LFASS

  • 26 An Giblean 2017
Croit

Tha duilgheadasan a' leantainn le siostam coimpiutair ùr riaghaltas na h-Alba a tha a' ciallachadh nach urrainn dhaibh taic-airgid a phàigheadh do chroitearan is do thuathanaich mar is còir dhaibh.

Tha duilgheadasan air a bhith aig an Riaghaltas leis an t-siostam choimpiutair ùr a tha còir dèiligeadh leis an taic-airgid bho chionn cha mhòr dà bhliadhna.

Tha an Riaghaltas a' cur a-mach litrichean a' tabhainn iasad air luchd-àiteachais a gheibheadh iad an àite taic-airgid LFASS, a bu chòir dhaibh a bhith a'faighinn mun àm seo den bhliadhna.

Feumaidh croitearan is tuathanaich na billegan a gheibh iad sa phost a lìonadh agus a thilleadh air ais ma tha iad airson iasad a ghabhail an àite feitheamh ùine airson an taic-airgid àbhaisteach fhaotainn.

Foirmichean IACS

'S e àm trang a tha seo do luchd-àiteachais le àm breith nan uan is tha cuideachd foirmichean IACS rin tilleadh. Tha a h-uile taic-airgid a' crochadh air an fhiosrachadh a tha daoine a' toirt seachad anns na foirmichean IACS aca.

Feumaidh na foirmichean sin a bhith air an tilleadh air ais mu mheadhan a' Chèitein.