Sgoil ùr Inbhir Ùige a' fosgladh

  • 26 An Giblean 2017
Sgoil Inbhir Uige Image copyright Hub North Scotland

Tha ionad sgoile coimhearsnachd ùr Inbhir Ùige air fosgladh gu h-oifigeil an diugh - ochd mìosan air dheireadh.

Bha dùil gu fosgladh an togalach san Lùnastal an uiridh, ach tha ioamdach trioblaid air a bhith aig a' phròiseact.

Chosg ionad ùr na sgoile £48.5 millean agus tha dà sgoil air an làraich - àrd sgoil a bhaile agus Bun-sgoil Pàirce Newton.

A thuilleadh air na sgoiltean, tha amar snàmh, ionad eacarsaich agus leabharlann cuideachd mar phàrt den ionad ùr.

B'e Hub North Scotland a bh'os cionn a' phròiseact agus a' chompanaidh togail Morrison Construction a rinn an obair.

Bha grunn làithean air an cuir air adhart airson fosgladh oifigeil ach chaidh iad uile a chuir dheth ron seo air sgàth dhuilgheadasan leis an togalach fhèin.