Pàirt de chaitheamh beatha an Oll. Urr. Iain D. Caimbeul an aghaidh a' Bhìobaill

  • 25 An Giblean 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Cha robh caitheamh-beatha an Oll. Urr. Iain D. Chaimbeul a rèir teagasg a' Bhìobaill.

Cho-dhùin Clèir na h-Eaglaise Saoire anns na h-Eileanan an Iar gun robh pàirt de chaitheamh beatha an Oll. Urr. Iain D. Caimbeul nach maireann, an aghaidh a' Bhìobaill, agus nach do ghiùlain e e fhèin anns an dòigh anns am bu chòir ministear a bhith ga ghiùlain fhèin.

Thuirt a' chlèir gun deach rannsachadh iomlan a dhèanamh leotha air casaidean a nochd mun Oll. Urr. Caimbeul.

Bha aithrisean air nochdadh gun robh càirdeasan mì-iomchaidh aige le boireannaich.

Chan eil an aon ìre de dhearbhadh-laghail a dhìth air rannsachadh eaglaise 's a tha ann airson chùirtean-lagha na dùthcha.

Nochd an aithris bhon chlèir às dèidh dhaibh coinneachadh Dimàirt.

Thuirt iad gur e àm doirbh a th' air a bhith ann dhan a h-uile duine ceangailte ris an eaglais agus gu h-àraid do a bhean 's do a theaghlach.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad a' beachdachadh air na leasanan a ghabhas ionnsachadh bhuaithe.

Chuir an t-Oll. Urr. Caimbeul, ministear Eaglais Shaor an Rubha ann an Leòdhas, làmh na bheatha fhèin aig deireadh an Fhaoillich, aig aois 53.