Cìs adhair nas ìsle?

  • 25 An Giblean 2017
Itealan

Bhòtaidh Pàrlamaid na h-Alba airson a' chiad uair Dimàirt air bile airson cìse ùir air siubhail itealain.

Tha ministearan airson a' chìs (APD) a lùghdachadh 50% ron ath-thaghadh Albannach ann an 2021.

Gheibh Pàrlamaid na h-Alba smachd air cìsean faraidhean itealain bhon Ghiblean an ath-bhliadhna.

Chan eil APD air siubhail à puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean an-dràsta, agus thuirt Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, gun toireadh e sùil air a' chìs a thogail far itealan a' tighinn a-steach cuideachd.

Ma ghabhas Buill ri prionnsabalan a' bhile, thèid a sgrùdadh le comataidhean na Pàrlamaid air thoiseach air a' bhòt mu dheireadh.