Eaglais eachdraidheil air a h-ùrachadh

  • 25 An Giblean 2017
Image copyright Kirkmichael Trust
Image caption Chaidh Cille Mhìcheil a thogail anns na Meadhan Aoisean

Tha luchd-iomairt a th' air a bhith a' strì fad 20 bliadhna gus eaglais eachdraidheil san Eilean Dubh a shàbhaladh air crìoch a chur air obair-leasachaidh luach £750,000 air an togalach.

Tha Cille Mhìcheil air a bhith steidhichte air an làraich ann am Baile a' Bhlàir bhon 14mh linn agus a-niste tha clachan sonraichte a chaidh a lorg san sgìre air an taisbeanadh na broinn.

Bha an togalach ann an droch staid agus thuit am mullach a-steach às deidh sneachda throm ann an 2013.

Chaidh iomairt a chur air bhonn gus airgead gu leòr a thogail airson ùrachadh a dhèanamh air an togalach.

Chaidh an eaglais fhosgladh gu h-oifigeil a-rithist Dimàirt.

Bidh an togaladh na dhachaidh do leacan-uaighe eachdraidheil a chaidh a lorg aig an làraich.

Chaidh eaglais Chille Mhìcheil a thogail anns na Meadhan Aoisean agus chaidh a cleachdadh suas chun 18mh Linn.

Cille Mhìcheil
Image caption Chaidh pìosan den togalach a thogail anns na Meadhan Aoisean.
Cille Mhìcheil
Image caption Tha luchd-iomairt san sgìre air obair mhòr a dhèanamh airson airgead a thogail.
Cille Mhìcheil
Cille Mhìcheil
Cille Mhìcheil
Image caption Tha an eaglais suidhichte an cois a' chladaich ann am Bàgh Ùdail.
Cille Mhìcheil
Image caption Chaidh leacan-uaighe, mar an tè seo a dhèanamh às dèidh an ath-leasachaidh.

Na còraichean uile glèidhte.