Maoineachadh ùr do Sheirbheis nan Carbadan-Eiridinn

  • 25 An Giblean 2017
Carbad-eiridinn

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba maoineachadh a bharrachd de £6.3m do Sheirbheis nan Carbadan-Eiridinn.

Tha Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, ag ràdh gun cuidich seo ann a bhith a' faighinn cùraim a bharrachd bho luchd-eiridinn anns a' choimhearsnachd.

Tha dragh mòr air a bhith ann an Gallaibh agus ann an sgìre Mhoireibh mu sheirbheis nan carbadan-eiridinn.

Thèid an t-airgead a dh'ionnsaigh a bhith a' cur ri sgilean an luchd-eiridinn leigheas a thoirt do bharrachd euslainteach anns a' choimhearsnachd agus an àireamh dhaoine a dh'fheumas a dhol dhan opsadal a lùghdachadh.

Thèid trèanadh a thoirt dhan luchd-eiridinn seo gus cungaidhean-leigheis agus uidheamachd shònraichte a chleachdadh.

Bidh 46 duine ullamh den trèanadh aca anns an t-Sultain, agus cuiridh sin ris a' chòrr air 30 duine a tha mar thà nan luchd-eiridinn sònraichte.

Thèid taic cuideachd a chur ri bhith ag obrachadh còmhla ri seirbheisean slàinte eile.

Chuir an t-aonadh Unite fàilte air an naidheachd, agus thuirt iad gum feumadh ministearan tòrr a bharrachd a dhèanamh.