Còrr air 90 carbad an Inbhir Nis air a mhilleadh

  • 25 An Giblean 2017
Seacaid Phoilis

Chaidh fear a chur an grèim leis na Poilis às dèidh do chòrr air 90 carbad a bhith air am milleadh ann an sgìre Dhail an Eich an Inbhir Nis oidhche Luain.

Thuirt Poileas Alba gun robh fireannach, aois 42, gan cuideachadh anns an rannsachadh aca.

Thuirt iad gun deach fios a chur thuca mu sgàthain sgèith agus suathairean uinneig a bhith air am bristeadh dheth.

Bha na carbadan, air an deach milleadh a dhèanamh, mu thimcheall Ghàraidhean Telford, Sràid Telford agus Cùirt Skinner.

Thuirt Insp. Seumas Rice: "Tha sinn ag iarraidh air daoine ann an sgìre Dhail an Eich sgrùdadh a dhèanamh air na carbadan aca gun fhios nach deach milleadh a dhèanamh orra tron oidhche.

"Ma 's e 's gun deach, bu chòir dhaibh fios a chur thugainn.

"Tha fireannach aois 42, an grèim againn an-dràsta agus tha e a' toirt taic dhuinn leis an sgrùdadh againn.

"Ma chunnaic duine sam bith càil amharasach tron oidhche eadar Diluain 24mh den Ghiblean agus Dimàirt 25mh den Ghiblean bu chòir dhaibh fios a chur thughainn sa bhad," thuirt e.