Seiseanan fiosrachaidh don Phlana Gàidhlig

  • 25 An Giblean 2017
Bòrd na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig a' cumail seiseanan fiosrachaidh poblach air feadh Alba thar na h-ath chola-deug mar phàirt de cho-chomhairle air an dreach den Phlana Chànain Nàiseanta Ghàidhlig 2017-2022.

Bidh coinneamh anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh oidhche Mhàirt bho 7:00f agus ann an Inbhir Nis oidhche Ardaoin ann an Taigh-Cluiche Eden Court a' tòiseachadh cuideachd aig 7:00f.

Thèid seisean fiosrachaidh cuideachd a chumail am Bun-Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an ath-Dhimàirt bho 7:00f agus ann an Ionad Sgeulachdan na h-Alba an Dùn Èideann seachdain Diciadain aig 7:00f.

Co-chomhairle

Thuirt Stiùiriche Plana Cànain agus Leasachadh Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig, Dàibhidh Boag, gu bheil iad airson beachdan a chluinntinn an dà chuid mun phlana agus mun chànan san fharsaingeachd.

"Bha sinn ag iarraidh a dhol a-mach a bhruidhinn ri daoine anns na coimhearsnachdan air feadh Alba," thuirt e.

"Tha sinn airson faighinn a-mach nam beachdan a th' aca a thaobh na th' anns an dreach-phlana agus cuideachd beachdan aca san fharsaingeachd a thaobh dè na ceumannan a tha a dhìth airson a' Ghàidhlig a leasachadh anns na sgìrean aca fhèin.

"Tha co-chomhairle cuideachd a-ruith air-loidhne agus tha sin fosgailte chun an 17mh den Chèitean," thuirt e.