An cothrom agus an cunnart

  • 24 An Giblean 2017
Image caption Dh'fhoillsich Nicola Sturgeon manifesto ionadail an SNP

B' e an SNP am pàrtaidh mu dheireadh aig a bheil buill aig Holyrood manifesto fhoillseachadh airson an taghaidh ionadail.

A-measg na mhol iad anns an fhoillseachadh aca, tha

  • Leudachadh air cùram-cloinne saor an asgaidh
  • Toirt cumhachd agus airgead do sgoiltean - seach comhairlean - airson taic a thoirt do chloinn-sgoile às na teaghlaichean nas miosa dheth
  • Leudachadh air taighean aig prìs reusanta, ri reic agus air mall
  • Toirt airgead chomhairlean do chomhairsneachdan
  • Leudachadh taic do ghnìomhachasan beaga

Cothrom

Aig àm an taghaidh ionadail mu dheireadh, ann an 2012, ged a bha an SNP air mòr-chuid a chosnadh dhaibh aig Holyrood, cha do thachair reifreann na neo-eisimeileachd, a bu mhotha a thug buaidh air poileataigs na h-Alba bho chionn fhada.

Mar sin, ged a 32.3% den bhòt agus 425 suidheachain comhairle, beagan air thoiseach air na Làbaraich, ghlèidh pàrtaidh Johann Lamont smachd air barrachd chomhairlean.

Tha cothrom aig an SNP sin atharrachadh anns a' Chèitean.

Ach gus sin a dhèanamh bidh iad a' sireadh taic bhon dà thaobh de dheasbad na neo-eisimeileachd.

B'fheàrr leotha gun aire a thoirt don fheadhainn a bhòt na h-aghaidh gu faod dàrna reifreann a bhith air fàire.

Nì pàrtaidhean an Aonaidh an dìcheall gun an cothrom sin a thoirt dhaibh,