Dà iomairt, aon amas

  • 24 An Giblean 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Iomairt ionadail nan Tòraidhean

Bha dùil againn gum buaileadh an deasbad nàiseanta air an taghadh ionadail.

Leis an dà thaghadh - ionadail agus coitcheann - a-nis a' ruith cha mhòr sreath chèile, chan eil teagamh ach gun tachair sin.

Chan eil gearan sam bith aig Ruth Davidson mu dheidhinn sin.

Chì i cothrom leantainn air soirbheachas an taghaidh Albannaich an-uiridh agus i a' cur an taic airson an Aonaidh aig cridhe na h-iomairt aca.

Ach chan e sin a-mhàin a tha iad a' moladh.

A rèir an fhoillseachain a chur i air chois latha as dèidh naidheachd mhòr Theresa May, tha na Tòraidhean airson

  • Probhost taghta a thoirt do chomhairsneachdan a tha gan iarraidh
  • Tuilleadh chumachdan cìse a thoirt do chomhairlean gus cothrom a thoirt dhaibh an eaconamaidh ionadail a chur am feabhas
  • A' chìs comhairle a chumail cho ìseal agus a ghabhas
  • Barrachd sgoiltean taobh a-muigh smachd an ughdarrais ionadail
  • Cùram-cloinne a leudachadh gu h-àraid do phàistean 1 agus 2 bliadhna dh'aois à teaghlaich nas miosa dheth
  • Leudachadh sgeama a' Bhuinn-leathann Coimhearsnachd

Càineadh

Tha na Tòraidhean ag iarraidh air an luchd-bhòtaidh coimhead air an dà thaghadh seo mar fharpais eadar iad fhèin agus an SNP.

Agus a bharrachd air a' chàineadh a tha aca do na nàiseantaich airson dàrna reifreann iarraidh air an neo-eisimeileachd, thug iad slaic orra airson cus cumhachd a ghlèidheadh aig Holyrood.

Tha Ruth Davidson a' cumail a-mach gun toireadh na planaichean acasan spionnadh don daonfhlàitheas ionadail.

Mar as gnàth ann an deamocrasaidh, is e an luchd-bhòtaidh a nì taghadh.