Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Taghadh na Frainge

Tha an dithis thagraichean a chaill anns a' chiad chuairt de thaghadh a' Chinn-Suidhe anns an Fhraing a' cur an taic a-niste ri Manuel Macron, bhon phàrtaidh ùr anns a' mheadhan. 'S esan agus Marine Le Pen, ceannard na fìor-làimhe deise, a tha a' dol air adhart dhan taghadh mu dheireadh an ceann cola-deug. Chaidh Benoit Hamon aig na Sòisealaich, agus Francois Fillon aig na Poblachdaich, a-mach às an taghadh an-dè, agus dh'iarr iad le chèile air an t-sluagh bhòtadh airson Macron, seach poileataigs a' Front National aig Marine Le Pen, a tha an aghaidh in-imreachd agus an EU.

Co-labhairt an STUC

Canaidh Nicola Sturgeon an-diugh gun dean na Tòraidhean rud sam bith a thogras iad le Alba ma nì iad adhartas anns an taghadh choitcheann. Bidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, agus ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, a' bruidhinn ri co-labhairt Aonaidhean Ciùird na h-Alba anns an Aghaidh Mhòir an-diugh.

Alasdair MacIlleMhìcheil

Tha na Libearalaich Dheamocratach air Alasdair MacIlleMhìcheil a thaghadh airson seasamh dhaibh a-rithist ann an Arcaibh is Sealtainn aig an taghadh choitcheann anns an Ògmhìos. Tha an roinn air a bhith aig Mgr MacIlleMhìcheil bho 2001, agus ghlèidh e an sgìre bho chionn dà bhliadhna le mòr-chuid nas lugha de 817 bhòt.

Mike Samwell

Tha poilis ann am Manchester a' ceasnachadh duine a tha 21 bliadhna de dh'aois, mu bhàs fear a bha na oifigear anns a' Chabhlach Rìoghail. Chaidh Mike Samwell, a bha 35 bliadhna de dh'aois, a mharbhadh ann an sgìre Chorlton an-dè, agus aithrisean ann gun deach bualadh ann le feadhainn a dh'fhalbh leis a' chàr aige fhèin.

Bochdainn

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gu bheil aon duine anns gach triùir an Alba air tuarastal ìosal cho bochd agus nach urrainn dhaibh biadh ceart ithe. Tha Caidreachas na Bochdainn ag ràdh gu bheil feadhainn a' seachnadh bìdhe, agus a' tuiteam air dheireadh le màl agus morgaids. Tha an carthannas ag iarraidh pàigheadh a thogail bhon ìre as lugha a tha ceadaichte fon lagh, gu ìre nas coltaiche ri cosgais a' bhith-beò.

ADT

Tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh cur às do chis adhair ADT air luchd-siubhail a' tighinn a-steach gu puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Chan eil a' chìs sin an-dràsta ach air luchd-siubhail air an t-slighe a-mach, agus tha Minister na Còmhdhail, Derek MacAoidh, ag iarraidh cead an EU sin a leudachadh dhan a h-uile seirbheis. Bidh Riaghaltas na h-Alba a' faighinn smachd air a' chìs sin an ath-bhliadhna.

Ciseorn

Thuirt ceannard na companaidh dham buin Gàrradh Chiseoirn gum feum iad luchd-obrach a thoirt a-steach airson a' chùmhnant ùir a chaidh ainmeachadh an t-seachdain seo chaidh. Thuirt Ally Fearghasdan gum bi suas ri 200 duine ag obair air crainn airson tuath-gaoithe, ach gum feum iad na h-uimhir den eòlas sin a thoirt a-steach à àiteachan eile.