Buinn gu leòr aig dannsairean Uibhist

  • 24 An Giblean 2017
Image caption 'S math a rinn na h-Uibhistich ann an Cill Airne.

Shoirbhich gu mòr le dannsairean às Uibhist aig farpais Chomann Dannsa Èireannach na Cruinne ann an Cille Airne air an deireadh seachdain.

Chan eil ach seachd bliadhna bho thòisich sgoil dannsa Èireannach ann an Uibhist, ach tha grunn òigridh ag ionnsachadh còmhla gach seachdain.

Bha naoi dannsairean às Uibhist san sgioba ann an Èirinn, an tè as òige dhuibh 9 bliadhna a dh' aois.

B'e seo a' chiad turas aca aig farpaisean na cruinne, is thill iad dhachaidh le duaisean gu leòr.

Uile gu lèir bhuannaich na h-Uibhistich 82 bonn.

Fhuair iad cuideachd cupanan airson an 2mh aig 5mh àite ann an cuid de na farpaisean.

Gun riaghailtean teann mar a th' aig dannsa Gàidhealach, tha saorsa aig na dannsairean dè ceumanan a chleachdas iad airson gach seòrsa dannsa