Crann na Còigich a' tionndadh

  • 24 An Giblean 2017
Crann na Còigich Image copyright Malcolm McMurrah/HIE

Tha crann-gaoithe a thog muinntir na Còigich a-nise a' cruthachadh dealain dhan ghriod nàiseanta.

Chosg an leasachadh £1.8m le taic a' tighinn bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE).

Tha e coltach gur e a' chiad chrann mòr coimhearsnachd de a sheòrsa air Tìr-Mòr na Gàidhealtachd.

Thathas an dùil gun tig mu £2m air ais dhan choimhearsnachd san 20 bliadhna ri tighinn.

Tha Companaidh Leasachaidh Coimhnearsnachd na Còigich airson an t-airgead a chosg air seirbheisean is bun-structar ionadail, agus air cuideachadh 'son ghnìomhachasan is trèanadh dhan òigridh.

Rinn cathraiche na companaidh, Iain Muir, toileachas ris an naidheachd.

"Bha seo coltach ris an rathad a dh'Aichillidh Bhuidhe, fada is lùbach is rud no dhà a' tighinn san rathad oirnn", thuirt Mgr Muir.

"Tha sinn air ar targaid a ruighinn is tha e sònraichte gu bheil an crann a' dol. Thug e bliadhnaichean de dh'obair shaor-thoileach bhon choimhearsnachd agus an luchd-obrach againn.

"Math 's gu bheil seo, ge-tà, chan eil ann ach toiseach-tòiseachaidh, 's e an rud a-nise gun tig airgead air ais dhan choimhearsnachd agus cothroman a chruthachadh dha na ginealaich ri tighinn", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile