Riaghaltas "fosgailte" ri PSO ùr

  • 25 An Giblean 2017
Port-adhair

Thuirt Ministear nan Eilean, Humza Yousaf, gum beachdaich e air iarrtas gus inbhe PSO a chur air an t-slighe adhair eadar Beinn nam Fadhla is Glaschu.

Dh'innis e, ge-tà, gum feumadh a' choimhearsnachd tighinn air adhart le argamaid làidir.

Aig an ìre seo tha Òrdughan Seirbheis Phoblaich air na seirbheisean adhair à Glaschu gu Ceann Loch Chille Chiarain, Tiriodh agus Barraigh - 's iad uile a' faighinn subsadaidh bho Riaghaltas na h-Alba.

Thadhail Mgr Yousaf air Uibhist air an deireadh-sheachdain is co-labhairt ann airson comharrachadh deich bliadhna bho ghabh muinntir Uibhist a Deas smachd air an fhearainn aca fhèin.

'S ann fhad 's a bha e ann a thog Calum MacAmhlaigh iarrtas PSO leis.

"Na daoine a tha a' fuireach anns na h-Eileanan, 's urrainn dhaibhsan am faradh fhaighinn nas saoire air sàilleabh gun urrainn dhaibh càirt ADS fhaighinn", thuirt Mgr MacAmlaigh.

"Sgrathail"

"Daoine a tha 'son tighinn a-nall à Glaschu dha na h-Eileanan, chan fhaigh iadsan sin idir is tha am faradh a tha a' dol orrasan, tha e còrr is £400, is tha sin sgrathail dona san là a th' ann", thuirt e.

Thuirt Humza Yousaf gu bheil e tric a' faighinn iarrtasan den leithid seo, is gum feum daoine a bhith mothachail gu bheil suidheachadh ionmhais gu math doirbh ann an-dràsta.

Gheall e gum beachdaich e air a' chùis, ge-tà, is thuirt e gum feum a' choimhearsnachd sealltainn dha gu bheil PSO riatanach.

"Ma 's e is gun urrainn dhan choimhearsnachd fianais a thoirt seachad gu bheil feum air seo, bidh m' inntinn fosgailte ris an iarrtas aca", thuirt Mgr Yousaf.

"An t-seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdail is Malaig - thàinig sin oir bha cuideam a' tighinn bhon choimhearsnachd agus bha argamaid làidir aca le fianais air dè an diofar a dhèanadh an t-seirbheis.

"Bha iad ceart oir dh'obraich e is tha e ag obair.

"Ma thig daoine le argamaid mar sin 'son PSO ùr, bidh an doras agam fosgailte riutha", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile