Riaghailtean ùra maoraich

  • 24 An Giblean 2017
Maosgain chaola

Chaidh riaghailtean ùra teann a chur an sàs e air na dh'fhaodas duine gun chead iasgaich a ghlacadh de mhaorach.

Thàinig na riaghailtean is dragh sa ghnìomhachas gun robh tòrr iasgaich mhì-laghail a' dol air adhart, is iasg ga reic an uairsin gu coimearsalta.

A bharrachd air iomagain gun robh iasg nach robh air a chlàradh gu h-oifigeil a bhith ga reic ris a' phoball, bha iasgairean eile a' gearain gun robh seo a' toirt buaidh mhòir orra, is cosgais mhòr orrasan na riaghailtean a leantainn.

Bho seo a-mach, bidh cuota air leth teann air na tha ceadaichte do dhaoine gun chead iasgaich a ghlacadh.

'S e sin aon ghiomach, deich maosgain chaola, còig chrùbagan de sheòrsa sam bith agus sia creachainn.

Chan ann a-mhàin air iasgach coimearsalta a bheir na riaghailtean buaidh, ach fiù 's air daoine a tha a' dol a mach a dh'fhaighinn maoraich a dh'itheas iad fhèin.

Tìr

Cha toir na riaghailtean buaidh, ge-tà, air daoine a tha ag iasgach bho thìr.

Thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gu bheil e dòchasach gun tèid smachd a chur gu sònraichte air dàibhearan a tha ag iasgach gu mì-laghail.

"An fheadhainn as fhasa a ghlacadh, 's e dàibhearan a thig a-steach air an deireadh-sheachdain", thuirt Mgr MacAonghais.

"Tha iad a' tighinn a-steach a dh'àite, cuiridh iad na bàtaichean rubair, luath a tha sin san uisge is tha iad a-mach à seo.

"Chanainn-sa gur e an fheadhainn a bu mhotha a bhiodh iad a' cur umhail orra airson an glacadh, airson 's iad as motha a bha a' glacadh agus bha cunnart an lùib mar a bha iad a' cur stuth air tìr agus gun robh e a' faighinn a-steach do thaighean-òsta.

"Dh'fhaodadh milleadh a bhith air a dhèanamh a thaobh sàbhailteachd bidhe a' tighinn a-steach do thaighean-òsta airson a bhith air a reic ris a' phoball", thuirt e.