Ceannardan poileataigeach anns an Aghaidh Mhòir

  • 24 An Giblean 2017
An Aghaidh Mhòr Image copyright Jennifer Jones / Geograph

Tha ceannardan poileataigeach anns an Aghaidh Mhòir Diluain is na pàrtaidhean ag iomairt air thoiseach air an taghadh san Òg-Mhìos.

Bidh am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, is ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, a' bruidhinn aig co-labhairt an STUC sa bhaile.

Bidh iad le chèile a' sireadh taic nan aonaidhean.

Canaidh Nicola Sturgeon gur e farpais eadar an SNP is na Tòraidhean a bhios an taghadh ann an Alba.

Innsidh Mgr Corbyn, ge-tà, gun seas na Làbaraich airson nan daoine an aghaidh feadhainn aig àrd-ìre.

Canaidh na Tòraidhean Diluain gu bheil Mgr Corbyn na chunnart dhan Aonadh, is gur iad as fheàrr airson seasamh an aghaidh nam planaichean aig an SNP airson an dàrna referendum air neo-eisimileachd do dh'Alba.

Bidh na Lib-Deamaich ag iomairt cuideachd, is iad ag ràdh gu bheil iadsdan a' seasamh airson chòirichean na h-Alba anns an Rìoghachd Aonaichte agus san Roinn Eòrpa.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile