Tubaist adhair ga rannsachadh

  • 24 An Giblean 2017
Queenstown, Sealan Nuadh.
Image caption Bha Ben Letham a' sgèith leis fhèin faisg air Queenstown.

Thòisich rannsachadh ann an Sealan Nuadh mu thubaist adhair anns na do chaill fear às Earra-Ghàidheal a bheatha.

'S ann à Ceann Loch Chille Chiarain a bha Ben Letham, 26.

Bha e a' sgèith leis fhèin ann am para-ghlaidhdair faisg air baile Queenstown aig ceann a deas an Eilein mu Dheas nuair a thachair an tubaist Disathairne.

Bha Mgr Letham aig obair aig a' chompanaidh GForce Paragliding.

Thuirt Gavin Taylor bhon chompanaidh gun robh Mgr Letham air na mìltean de thursan mar seo a dhèanamh roimhe.

Dh'innis Mgr Taylor gun robh Mgr Letham anns an inneal aige fhèin nuair a thachair an tubaist.

Thuirt e gur e duine gasta is pìleat sgileil a bh' ann am Ben Letham, is gun robh a h-uile duine aig GForce Paragliding troimhe-chèile mun tubaist.

Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèinegu bheil iad a' toirt taic dha teaghlach Mhgr Letham.