Fearg mu rìof Loch Carrainn

  • 24 An Giblean 2017
Loch Carrann Image copyright Pip Rolls / Geograph

Thuirt eòlaichean mara gun deach rìof sònraichte sa mhuir far taobh siar Rois a sgrios le bàta-iasgaich.

Tha an rìof faisg air a' Phloc neo-àbhaisteach airson Alba seach gun do dh'fhàs e suas timcheall air creachainn theine a bhiodh a' neadachadh air a' ghrunnd.

Thuirt dàibhearan a rinn sgrùdadh air an rìof gun deach a sgrìobadh leis an aon dreidsear dà thuras air a' mhìos seo, agus gun toir e bliadhnaichean mòra mus tig e air ais mar a bha e.

Chan eil an rìof ann an sgìre dhìon, is mar sin cha deach riaghailtean sam bith a bhriseadh.

Tha luchd-glèidhteachais ag ràdh gu bheil a' chùis a' sealltainn nach eil poileasaidean iasgaich ag obair.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil na h-aithrisean a' cur dragh orra agus gu bheil iad gan rannsachadh.