Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ciseorn

Chaidh dearbhadh gun tèid suas ri 200 cosnadh a chruthachadh aig Gàrradh Chiseoirn air taobh siar Rois, an dèidh aonta airson pàirtean a thogail do chrainn-ghaoithe. Tha còrr is 20 bliadhna bho chaidh an doca tioram an sin a chur gu feum mu dheireadh nuair a bha Drochaid an Eilein Sgitheanaich ga togail. Thèid tòiseachadh anns an Lùnastal air crainn-ghaoithe a stèidheachadh aig muir. Thuirt stiùiriche a' phròiseict gur e leasachadh mòr a th' ann dha na sgìre le buannachd mhòir do ghnìomhachas ionadail.

An Fhraing

Thuirt Prìomhaire na Frainge, Bernard Cazeneuve, gum bi tèarainteachd aig àrd-ìre sa chiad chuairt de thaghadh a' Chinn-Suidhe air an deireadh-sheachdain an dèidh na h-ionnsaigh ann am Paris an-raoir. Tha na Poilis anns an Fhraing ag ràdh gur aithne dhaibh am fear-gunna a mharbh oifigear poilis agus a rinn droch leòn air dithis oifigearan eile air an Champs Elysees. Chaidh am fear-gunna a mharbhadh nuair a loisg poilis air ais air.

A' Ghearmailt

'S chuir poilis anns a' Ghearmailt duine an grèim fo amharas gur e a chuir boma fo bhus na sgioba buill-choise Borussia Dortmund an t-seachdain seo chaidh. Tha iad den bheachd gun robh an duine, a bhuineas dhan Ghearmailt agus dhan Ruis, an dòchas prothaid a dhèanamh à lùghdachadh ann an luach nan earrainnean anns a' chluba.

An SNP

Tha an SNP a' foillseachadh am manifesto airson nan taghaidhean ionadail an-diugh. Tha an ceannard, Nicola Sturgeon, ag ràdh gu bheil roghainn soilleir aig luchd-bhòtaidh eadar iad fhèin no na Tòraidhean.

Sgoil Ghàidhlig Ùr

Tha dragh air pàrantan ann an Glaschu gum bi cion thidsearan ann ma dh'fhosglas an treas sgoil Ghàidhlig anns a' bhaile. Chuir pàrantan fàilte air co-chomhairle air an treas sgoil ann an Glaschu 's iad ag ràdh gu bheil iarrtas follaiseach ann. Ach tha comhairle nam pàrant aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu ag ràdh gum feum tuilleadh thidsearan a bhith ann mu choinneimh sin.

Ugo Ehiogu

Chaochail an cluicheadair ball-coise Sasannach, Ugo Ehiogu. Bha e 44. Ghabh e grèim-cridhe an-dè aig ionad-trèanaidh Spurs ann an Lunnainn, far an robh e na choidse. Chluich e ceithir tursan do Shasainn, 's a bharrachd air ùine aig Rangers, bha e aig Aston Villa, Middlesborough, West Brom, Leeds agus Sheffield United.