Bàs 12 clamhan-gobhlach gun chasaid

  • 21 An Giblean 2017
Clamhan-gobhlach Image copyright Christine Mathews/Geograph

Thuirt Comann Rìoghail Dìon nan Eun (RSPB) na h-Alba gur e briseadh-dùil a th' ann nach deach casaid a chur às leth duine sam bith às dèidh mar a chaidh dusan clamhan-gobhlach a phuinnseanachadh ann an Drochaid Sguideil air taobh sear Rois.

Thachair sin ann an 2014, agus seach gu bheil trì bliadhna a-nis air a dhol seachad bhon uair sin, chan urrainnear casaidean a thogail.

Chaidh ceithir clamhain agus dusan clamhan-gobhlach a mharbhadh san Earrach 2014.

Chaidh am puinnseanachadh le puinnsean bhiastagan nach eil ceadaichte anns an Rìoghachd Aonaichte.

A dh'aindeoin an rannsachaidh a chaidh a dhèanamh agus duais de £10,000, cha deach casaid a chur às leth duine sam bith 'son na thachair.

Tha aig Poileas Alba ris an rannsachadh a dhùnadh a-nise.

Tha oifigich agus luchd-obrach aig RSPB na h-Alba ag ràdh gur e briseadh-dùil a th' ann.

Thuirt Det. Insp. Scott Dòmhnallach a bha os cionn an rannsachaidh gu bheil e a' creidsinn nach deach am puinnsean fhàgail a dh'aona-ghnothaich, ach gu mì-fhortannach gun deach na h-eòin a mharbhadh air a shàilleabh.

Thuirt e cuideachd gu bheil e gu tur ceàrr a bhith a' cleachdadh an t-seòrsa puinnsein sin, leis gu bheil e a' cur bheathaichean agus daoine ann an cunnart.