200 cosnadh an Ciseorn

  • 21 An Giblean 2017
Gàrradh Chiseoirn

Thèid suas ri 200 cosnadh a chruthachadh aig Gàrradh Chiseoirn air taobh siar Rois, agus aonta ann gun tèid an làrach a chleachdadh an tuath-gaoithe air bhog as motha san t-saoghal a thogail.

Chaidh an gàrradh a chleachdadh mu dheireadh airson Drochaid an Eilein Sgitheanaich a thogail ann an 1994.

'S ann ann a tha fear de na docannan tioram as motha san roinn Eòrpa.

Thèid a-nise pàirtean de na crainn-ghaoithe airson leasachadh ochd crainn far chosta Obar Dheathain a thogail ann.

'S e a' chompanaidh Kincardine Offshore a tha air cùlaibh an leasachaidh, a chruthaicheas 50MW de dhealan.

Tòisichidh an obair ann an Ciseorn san Lùnastal, leis a' chiad chrann-gaoithe gu bhith stèidhichte, air bhog, far chosta Obar Dheathain toiseach an t-Samhraidh 2018.

B' e ionad far an deadh uidheamachd a thogail airson gnìomhachas na h-ola 's a' ghas a bh' ann an Ciseorn, 's iad a' togail Clàr-Ola an Ninian Central, san robh 600,000 tunna de chuideam, anns na 1970an.

Cha deach geataichean an doca thioraim, sa bheil 13,000 tunna, fhosgladh bho 1994.

Chuir Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) £158,932 ris an £450,000 a chaidh a chosg air a bhith ag ullachadh an ionaid airson cùmhnantan ùra fhaighinn.