Iarrtas Dùn Deòrsa a ghlèidheadh

  • 21 An Giblean 2017
Dùn Deòrsa Image copyright Colin Smith/Geograph

Dh'iarr Pàrlamaid na h-Alba air Ministearan ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte stad rè ùine a chur air planaichean gus an t-ionad-airm aig Dùn Deòrsa a dhunadh, gus an tèid measadh-eaconamach ceart a dhèanamh.

Tha Ministearalachd an Dìon a' lùghdachadh na tha de dh'ionadan aca air feadh na dùthcha, ann an oidhirp airgead a chùmhnadh.

Fo na planaichean dheadh Dùn Deòrsa, faisg air Inbhir Nis, a dhùnadh.

Tha 600 saighdear stèidhichte aig an ionad.

Tha obair-rannsachaidh a' cumail a-mach gun toireadh an dùnadh call £20m air an eaconamaidh ionadail.