Ag glacadh aire

  • 20 An Giblean 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Iomairt taghaidhean ionadail na Làbarach

Chaidh aire a thoirt air falbh bho thachartas Kezia Dugdale gus iomairt ionadail nan Làbarach a chur air bhog.

Mus do thòisich i bruidhinn, sheas Theresa May aig doras Àireimh a Deich gus taghadh coitcheann a ghairm.

Bha dùil gun tigeadh ceistean nàiseanta gu bàrr aig na taighean comhairlean, ach cha ghabh a sheachnadh idir a-nis.

Anns a' Chèitean ge-tà, bidh na Làbaraich a' sireadh taic airson pholasaidhean a dh'fhoillsich iad nas tràithe air a' bhliadhna:

  • Cur às don chìs chomhairle agus cìse stèidhichte air luach seilbh a chur na h-àite
  • Cumhachd a thoirt do chomhairlean cìse a chur air fearann bàn
  • Leigeil le comhairlean cìs a chur air luchd-turais airson gach oidhche ann an taigh-òsta
  • Tuarasdal bith-beò do luchd-cùraim
  • Paigheadh chosgaisean siubhail agus uairean siubhail do luchd-cùraim
  • Pasgain cùraim gan cur air dòigh taobh a-staigh seachdain às dèidh sgrùdaidh

Doirbh

Ach a bharrachd air gach polasaidh airson seirbhisean ionadail, tha teachdaireachd eile a dh'fheumas na Làbaraich a thoirt seachad.

Thug Kezia Dugdale rabhadh seachad do luchd-taic an Aonaidh gun bhòtadh airson nan Tòraidhean gus fearg a nochdadh leis an SNP airson dàrna reifreann iarraidh.

Thuirt i gun robh Ruth Davidson agus a càirdean "air bhioran" seirbhisean ionadail a sheachnadh agus nach bu chòir cumhachd a thoirt dhaibh air comhairlichean na dùthcha.

A-rithist, is e taghadh doirbh a tha air fàire do na Làbaraich.

Cha d'fhuair fuasgladh air a' cheist a tha air a bhith gam buireadh bho chionn goirid, ciamar a ghluaiseas iad an deasbad air falbh bho neo-eismeileachd agus Brexit gu seirbhisean, sochairean agus cosnaidhean.

Bha dùil aca ri aon taghadh doirbh - a-nis, tha dà dhiubh romhpa.