Gealltanas mu sheirbheisean cridhe

  • 20 An Giblean 2017
Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption 'S ann air làraich an ospadail a tha an t-ionad cridhe

Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ag ràdh gur ann a gheibh euslaintich le trioblaidean cridhe seirbheis nas fheàrr nuair a dhùnas ionad a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis.

Tha luchd-iomairt a' cur an aghaidh phlana NHS na Gàidhealtachd gus Ionad Heartbeat na Gàidhealtachd, a tha stèidhichte air làraich Ospadal an Ràthaig Mhòir, a dhùnadh.

Tha NHS na Gàidhealtachd airson làrach an ionaid a chur gu feum airson seirbheisean clionaigeach eile.

Tha iad a' moladh gluasad gu siostam ùr, 's iad a' fastadh tuilleadh nursaichean a bheir taic do dh'euslaintich air a bheil trioblaidean cridhe.

Bhiodh seirbheisean cridhe ri fhaighinn ann an diofar àitean air feadh na Gàidhealtachd.

Gheall NHS na Gàidhealtachd nach dùin an t-ionad gus an tèid seirbheisean ùra a chur ann an àite.

Airgead

Dh'fhosgail an t-ionad bho chionn 12 bliadhna, agus 's e am poball a thug seachad cuid mhath dhen airgead air a shon.

Thàinig cuibhreann eile den airgead bho Bhunait Cridhe Bhreatainn.

Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil an t-ionad a' toirt seachad seirbheis nach fhaighear ann an àitean eile, agus tha iad a' cumail a-mach nach deach co-chomhairleachadh ceart a dhèanamh air na planaichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile