Pàganachd san Rubha?

  • 20 An Giblean 2017
An Cearcall

Tha cuid de mhuinntir an Rubha ann an Leòdhas a' ceasnachadh a bheil draoidheachd air choireigin air a bhith a' tachart nam measg.

Tha cearcall neònach de chìp agus clachan air nochdadh air a' mhòintich eadar Garabost agus Pabail Uarach, mu chairteal mìle bho chearcall chlachan Chnoc nan Dursainean.

Chan eil fhios aig duine cò rinn e no carson.

Tha cearcall air Cnoc nan Dursainean mu 5,000 bliadhna de dh'aois, ach chan eil coltas air a' chearcall ùr gu bheil e air a bhith ann barrachd air bliadhna.

'S e rud neònach nach deach mothachadh dha gu bho chionn ghoirid, agus a rèir coltais, nach fhaca duine càil a' tachairt air an làrach, ged a tha tighinn mu leth mhìle air falbh, agus cuaraidh morghain faisg air làimh.

Tha cuideachd croitearan Gharaboist ag ionaltradh nan caorach air an talamh.

Thuirt arc-eòlaiche Chomhairle nan Eilean Siar, Kevin Murphy, nach robh e a' cur dragh sam bith airsan a chionn 's nach robh e faisg air na seann làraichean oifigeil a tha san sgìre.