Co-chomhairle sgoil Ghàidhlig gus tòiseachadh

  • 20 An Giblean 2017
Glaschu Image copyright Iain Thompson/Geograph

Tòisichidh co-chomhairle air treas sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu air an ath-mhìos às dèidh do chomhairlichean an taic a chur ris gu h-aona-ghuthach Diardaoin.

Tha a' Chomhairle a' moladh sgoil Gowanbank ann am fìor cheann an iar-dheas a' bhaile a chur gu feum.

Tha dà bhun-sgoil Ghàidhlig agus àrd-sgoil Ghàidhlig anns a' bhaile an-dràsta,

Tha an dà sgoil a th' ann an-dràsta a' tàladh na h-uimhir, chan fhada gus am bi iad loma-làn.