Isles FM a' craoladh a-rithist

  • 20 An Giblean 2017

Tha an stèisean rèidio Isles FM a-nis air ais air an eadhar, às dèidh dha a bhith dheth bhon Fhaoilleach.

B' fheudar dhan stèisean, a tha a' craoladh a-mach à Steòrnabhagh, a bhith air a thoirt far an eadhair nuair a bhris pìos uidheamachd chudromach, agus tha iad air a bhith a' sireadh airgid bhon choimhearsnachd airson uidheamachd ùr a cheannach.

Chosg an obair £8,000 agus chaidh aca air sin a thogail.

Thug manaidsear an stèisein, Dàibhidh Moireasdan, taing dhan fheadhainn a chuidich leis an iomairt aca.

Bidh an stèisean a' craoladh prògraim shònraichte, a mhaireas 24 uairean, bho oidhche Haoine airson comharrachadh gu bheil iad air ais air an eadhar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile