Ailtirean gam fastadh airson ionad ùr Cheòlais

  • 20 An Giblean 2017
Ceòlas
Image caption Cosgaidh an t-ionad ùr £7.1m.

Chaidh a' chompanaidh ailtireachd John Renshaw fhastadh airson ionad cànain agus cultair ùr a thogail ann an Uibhist a Deas.

'S ann aig crois Dhalabroig a bhios an togalach ùr, air làrach a bhuineas dha Stòras Uibhist.

Cosgaidh an t-ionad ùr, air am bi an t-ainm Cnoc Soilleir, £7.1m.

Clàr-ama

Tha clàr-ama gu math teann mu choinneimh na buidhne 's iad ag amas air an togalach a bhith suas ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.

Thuirt Oifigear Conaltradh Gàidhlig Cheòlais, Liam Crouse, gu bheil iad airson 's gum bi àite aig a' choimhearsnachd anns a' phròiseas dealbhachaidh, agus gum bi coinneamhan poblach ann a leigeas leotha am beachdan a thoirt seachad.

Tha Riaghaltas na h-Alba air £1m a ghealltainn mu choinneimh an ionaid ùir, agus tha còmhraidhean a' dol le diofar bhuidhnean poblach eile airson airgead a thrusadh.

Fhuair iad cuideachd £150,000 bho Bhòrd na Gàidhlig bho chionn ghoirid.

Cleachdaidh iad airgead a thog iad mar-thà airson a' chiad ìre den phròiseact a thoirt gu buil.

Thuirt Mgr Crouse gu bheil iad gu math misneachail gun tèid leotha.

"Tha gu leòr de dh'obair againn romhainn ach tha sinn gu math dòchasach gum bi sin air a dhèanamh" thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile