"Rathaidean uaine" ann an Inbhir Nis

  • 20 An Giblean 2017
Slighean do luchd-baidhseagail
Image caption Tha na slighean ag amas air rathaidean Inbhir Nis a dhèanamh nas sàbhailte do luchd-baidhseagail.

Chaidh slighean uaine a chomharrachadh air cuid de rathaidean Inbhir Nis airson luchd-baidhseagail.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil na slighean a' comharrachadh gum feum dràibhearan agus luchd-baidhseagail na rathaidean a roinn eatorra.

Tha cuid de mhuinntir Inbhir Nis ag ràdh ge-tà, nach deach mìneachadh a thoirt seachad air cò dha a tha na slighean seo.

Chaidh na slighean a chur air dòigh leis a' Chomhairle, le maoineachadh bhon charthannas Sustrans a tha a' brosnachadh rothaireachd agus coiseachd.

Thuirt Marc Falconer bho Chluba Rothaireachd Inbhir Nis gum bu chòir gun dèan seo cùisean nas fhasa do dhaoine a th' airson siubhail a-steach gu meadhan a' bhaile air dà chuibhle.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile