Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Taghadh

Chaidh Theresa May às àicheadh gu bheil i ag iarraidh taghadh coitcheann aithghearr airson brath a ghabhail air cho fada air thoiseach 's a tha na Tòraidhean anns na cunntasan beachd. Thuirt i gur e an dòigh anns a bheil na pàrtaidhean dùbhlain a' dol anns an rathad air pròiseas Bhrexit as coireach gu bheil i a' gairm taghadh tràth air an 8mh là den Ògmhios, agus a bharrachd air sin gu bheil e gu maith na dùthcha. Tha làn dùil gun toir Taigh nan Cumantan cead dhan taghadh nuair a bhios bhòt ann an-diugh. Tha e coltach gum bhòt na Làbaraich agus na Lib Deamaich còmhla ris an riaghaltas airson taghadh ach gun seachain an SNP bhòtadh.

Sir Vince Cable

Thuirt Sir Vince Cable, a bha na rùnaire gnothachais aig na Libearalaich Dheamocratach, agus a chaill a sheat ann an 2015, gum bi e a' seasamh ann an sgìre Twickenham anns an taghadh an turas seo. Thuirt e gu bheil an dùthaich air an t-slighe cheàrr a thaobh ceist na h-Eòrpa agus gu bheil e ag iarraidh buidheann làidir de bhuill Lib Deamach ann an Taigh nan Cumantan airson buaidh a thoirt air còmhraidhean Brexit. Ach thuirt e nach bi iad a' dèanamh aonta leis na Làbaraich.

Siria

Chaidh sianar a mharbhadh agus còrr 's 30 duine a ghoirteachadh nuair a spreadh boma ann am baile Aleppo ann an Siria. Bha an spreadhadh ann an sgìre den bhaile a bh' aig reubaltaich gus an do ghabh feachdan an riaghaltais smachd air a' bhaile gu lèir anns an Dùbhlachd.

Armada

Thàinig e am follais gu bheil cabhlachd de bhàtaichean-cogaidh, a thuirt an Ceann-suidhe Trump a bha air slighe gu Coiria a Tuath, air chùrsa gu tùr eadar-dhealaichte. Tha na bàtaichean-cogaidh air slighe gu deas agus chan eil e follaiseach a-nis nach ann a' maoigheadh air Coiria a Tuath a bha na Stàitean Aonaichte.

Tòraidhean na h-Alba

Tha Tòraidhean na h-Alba a' foillseachadh am manifesto an-diugh airson nan taghaidhean comhairle. Tha iad ag ràdh gur e bhòt an aghaidh referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba a th' ann am bhòt dhaibhsan.

Colaistean

Tha òraidichean ann an colaistean na h-Alba a' leudachadh an stailc mu phàigheadh agus an t-aonadh aca, an EIS, ag iarraidh beàrn a dhùnadh eadar ìre pàighidh ann an diofar cholaistean. Bidh a' chiad stailc nàiseanta ann seachdain a-màireach, agus mura bi rèite ann tha iad a' beachdachadh air stailc trì là gach seachdain gu meadhan a' Chèitein.

Tùr

Tha gearanan ann nach fhaigh daoine cothrom a dhol suas dhan tùr aig Caisteal Inbhir Nis an-asgaidh. Dh'fhosgail an tùr às ùr aig toiseach na seachdain agus thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum biodh e an-asgaidh fad na seachdain seo, ach bha fèill cho mòr air sin agus gu bheil na tursan làn a-nis. Thuirt High Life Highland, a tha a' ruith a' ghoireis, gu bheil iad duilich mu dheidhinn sin ach gu bheil iad an dòchas gum faigh daoine cothrom fhathast.