Sgoilearachd sgrìobhaidh aig Oilthigh Cailleanach Ghlaschu

  • 19 An Giblean 2017
Mairead Hamilton
Image caption 'S i Mairead Hamilton a fhuair an sgoilearachd an-uiridh

Tha MG ALBA a' maoineachadh àite air cùrsa far am faigh daoine oideachadh air sgrìobhadh airson telebhisein agus tha iad a' sireadh thagraidhean airson cùrsa na bliadhna-sa.

'S e an cùrsa MA ann an sgrìobhadh ficsein airson telebhisein, a tha ga lìbhrigeadh ann an Oilthigh Cailleannach Ghlaschu, an aon chùrsa iar-cheumnach dha leithid air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Mairidh an cùrsa bliadhna, ach tha cothrom ann cuideachd a dhèanamh pàirt-uine thairis air dà bhliadhna.

Feumaidh tagraidhean airson sgoilearachd MG ALBA a bhith fileanta sa Ghàidhlig.

Sgrìobhadairean cruthachail

Thuirt Deasaiche Seanail BBC ALBA, Mairead Chamshron, gur e an cùrsa seo aon dòigh air sgrìobadairean Gàidhlig làidir, cruthachail a thoirt air adhart.

"'S e cothrom air leth a tha seo agus tha sinn a' coimhead air adhart gu mòr ri tagraidhean fhaighinn" thuirt i.

Tha Seumas Mac a' Mhaoilein, a fhuair an sgoilearachd ann an 2015, an-diugh na sgrìobhadair air an dràma Bannan, agus chaidh comadaidh a sgrìobh e fhèin cuideachd a chomiseanadh le MG ALBA.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun chùrsa, agus sgoilearachd MG ALBA aig www.tvfictionwriting.com.

Feumaidh tagraidhean airson sgoilearachd MG ALBA a bhith a-staigh ron 5mh là dhen Chèitean, 's bidh an cùrsa fhèin a' tòiseachadh san t-Sultainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile