Maurice Malpas a' tilleadh gu ICT

  • 19 An Giblean 2017
Maurice Malpas Image copyright SNS Group Sammy Turner
Image caption Bha Malpas na leas-mhanaidsear nuair a bha Terry Butcher aig an stiùir

Tha Maurice Malpas air tilleadh gu sgioba-choidsidh Chaley Thistle Inbhir Nis.

Bha Malpas na leas-mhanaidsear nuair a bha Terry Butcher aig an stiùir agus chuir e ainm ri cùmhnant airson a' chòrr dhen t-seusan.

Thuirt cathraiche Chaley Thistle Coinneach Camshron gu bheil am bòrd "toilichte taic a thoirt dhan mhanaidsear agus dhan sgioba aige nan strì gus fuireach ann am Prìomh Lìog na h-Alba."

Tha an sgioba an dràsta aig bonn na lìg.

'S e seo a' chiad sheusan aig Richie Foran mar mhanaidsear air ICT 's Brian Rice, a bha fon t-seann mhanaidsear Iain Hughes, air a bhith a' toirt taic dha.

Thuirt Foran gun robh e toilichte gun robh Malpas a-nis mar phàirt dhen sgioba-choidsidh aige.

"'S e fìor dheagh choidse a th' ann le eòlas mòr mu bhall-coise na h-Alba agus bidh sin na chuideachadh anns na dùbhlain a th' air thoiseach oirnn," dh'innis e do làrach-lìn a' chluba.

Bha Malpas na leas-choidse do Bhutcher aig ICT eadar 2009 agus 2013, mus do ghluais an dithis aca gu Hibs.

Chaidh Malpas an uairsin mar Stiùiriche a' Bhuill-coise aig Raith Rovers ach dh'fhàg e an dreuchd sin sa Chèitean 2015.

Tha ICT an dràsda còig puingean air cùlaibh Dhùn Dè aig bonn Phrìomh Lìog na h-Alba le còig geamaichean ri dhol.