"Adhartas" aig Ospadal Uibhist 's Bharraigh

  • 19 An Giblean 2017

Feumaidh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar sgrùdadh cunbhalach a dhèanamh air na thathas a' dèanamh airson stad a chur air galairean bho bhith a' sgapadh ann an Ospadal Uibhist 's Bharraigh.

Thuirt a' bhuidheann-fàire, Buidheann-sgrùdaidh nan Àrainneachdan Slàinte (an HEI), gun deach adhartas a dhèanamh bho rinn iad sgrùdadh air an ospadal anns an Dàmhair 2016.

Às dèidh dhaibh an dàrna sgrùdadh a dhèanamh anns a' Ghearran am bliadhna, chaidh òrdachadh gun dèan am Bòrd Slàinte ath-sgrùdadh air na thathas a' dèanamh airson stad a chur air galairean bho bhith a' sgapadh, agus gun coimhead iad ris a-rithist a h-uile dà bhliadhna, aig a' char as fhaide, bho seo a-mach.

Thuirt Sara Twaddle bhon HEI gu bheil Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air plana-gnìomha ullachadh.

Thuirt i gun cumadh iad sùil air glainnead an ospadail ann an sgrùdaidhean eile a nì iad anns an àm ri teachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile