Coimisean an Fhearainn 'son coinneachadh ri coimhearsnachdan

  • 19 An Giblean 2017
An t-Eilean Sgitheanach
Image caption Tha an Coimisean airson beachdan choimhearsnachdan fhaighinn air ath-leasachadh an fhearainn

Cumaidh Coimisean ùr an Fhearainn ann an Alba tachartasan air feadh Alba airson coinneachadh ri coimhearsnachdan

Thàinig an Coimisean ùr gu bith aig toiseach a' Ghiblein agus tha iad an dùil tachartas a chumail gach mìos ann an diofar phàirtean dhen dùthaich.

Thuirt Cathraiche a' Choimisein, Anndra Thin, gu bheil iad airson innse do choimhearsnachdan mun obair aca, an dà chuid ann an sgìrean dùthchail agus anns na bailtean.

Dh'iarradh iad, thuirt e, beachdan dhaoine air dè na rudan a bu chòir prìomhachas fhaighinn ann am proiseas ath-leasachadh an fhearainn ann an Alba.

Bidh a' chiad choinneamh aca anns an Leargaidh Uarach ann am Fìobha air an 28mh là dhen Ghiblean.

Tha an t-Eilean Sgitheanach agus Leòdhas a-measg nan àitean air an tadhal iad tràth an ath-bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile