Buaidh Bhrexit air àiteachas

  • 19 An Giblean 2017
Caoraich
Image caption Tha subsadaidhean àiteachais am measg nan rudan air an toir Brexit buaidh.

Thèid fianais a thoirt seachad ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain mu bhuaidh Bhrexit air àiteachas, an iasgach agus air coilltearachd.

Tha grunn cheistean air nochdadh bho thòisich am pròiseas airson Breatainn a thoirt às an EU mu na bhios e a' ciallachadh do shubsadaidhean àiteachais, agus a thaobh gnìomhachas an iasgaich a tha gu ìre mhòir ga riaghladh leis an Roinn Eòrpa.

Bheir Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, fianais seachad do Chomataidh na h-Eaconamaidh agus a' Chomais-cheangail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile