Tagradh airson taisbeanadh an Iolaire

  • 19 An Giblean 2017
Clach-chuimhne

Tha Taigh-tasgaidh nan Eilean a' sireadh stuth eachdraidheil airson taisbeanadh ùr mu chall an Iolaire.

Bidh an taisbeanadh a' ruith bho dheireadh 2018 gu tràth 2019 aig an taigh-tasgaidh ùr ann an Caisteal Leòdhais agus e mar phàirt de shreath de thachartasan a chomharraicheas ceud bliadhna bhon a thachair an tubaist.

Ged a tha grunn nithean aig an taigh-tasgaidh mar-thà co-cheangailte ris an Iolaire, tha luchd-obrach airson cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil barrachd stuth no pàipearan a bhiodh freagarrach airson an taisbeanaidh.

Chaidh an Iolaire fodha faisg air Steòrnabhagh madainn Là na Bliadhn' Ùire 1919 agus i a' tilleadh le seòladairean is saighdearan bhon Chogadh Mhòr.

Chaill 205 a-mach à 280 de na bha air bòrd am beatha.

Taisbeanadh

Thuirt neach-labhairt bhon taigh-tasgaidh: "Tha sinn an-dràsda am beachd na nithean a ghabhail air iasad bho dhaoine fhad 's a bhios an taisbeanadh a' ruith, seach a bhith gan cumail".

"Ma tha ruideigin agaibh aig a bheil ceangal ris an Iolaire, agus a dh'fhaodadh a bhith freagarrach airson an taisbeanaidh, cuiribh fios thugainn air post-dealain no tron phost.

Cha bhi e comasach dha luchd-obrach an taigh-tasgadh gnothaichean a ghabhail a thèid a thoirt a-steach thuca.

Thuirt iad, ged nach bi e comasach a h-uile rud a thaisbeanadh, gu bheil iad airson blasad a thoirt do dhaoine air an tubaist agus a' bhuaidh a thug i air an àite.

Thèid measadh a dhèanamh air na gnothaichean a thèid a chur thuca ro dheireadh an Fhaoillich an ath-bhliadhna.