A' cuimhneachadh "an Iolaire"

  • 19 An Giblean 2017
An Iolaire

Tha adhartas ga dhèanamh le planaichean airson carragh-cuimhne ùr a' comharrachadh 100 bliadhna bho chaidh an Iolaire fodha ann an Leòdhas.

Chaidh taisbeanadh a chumail aig An Lanntair ann an Steòrnabhagh far an deach planaichean luchd-ealain a shealltainn do dhaoine.

Thathas a-nis a' cur ìmpidh air muinntir nan eilean am beachdan a thoirt seachad orra.

Chaidh an Iolaire fodha faisg air Steòrnabhagh madainn Là na Bliadhn' Ùire 1919 agus i a' tilleadh le seòladairean is saighdearan bhon Chogadh Mhòr.

Chaill 205 de na bha air bòrd am beatha.

Comharrachadh

Tha ionad an Lanntair am measg na tha ag obair air planaichean 'son an tubaist a chomharrachadh

Thuirt Ruairidh Moireach, fear de stiùirichean An Lanntair, gun do nochd deagh mheasgachadh de bheachdan bhon luchd-ealain airson a' charragh-chuimhne.

"Tha samhlaidhean eadar-dhealaichte, mar eisimpleir an crann no an ròp, mar phàirt de na planaichean.

"Bha aontachadh math ann am measg na bha an làthair mu dè an t-slighe air adhart agus bha còmhradh cuideachd mu càite am bu chòir an làrach a bhith - ann an Tolm no ann an Steòrnabhagh.

"Tha mi a' smaoineachadh gun robh faireachdainn ann gur ann san dà àite a bu chòir a stèidheachadh. Ann an Steòrnabhagh far an robh ceann-ùidhe an Iolaire agus ann an Tolm, aig "Biastan Thuilm" far an deach i sìos," thuirt e.

Thuirt Mgr Moireach gun urrainn do dhaoine na diofar mholaidhean fhaicinn san Lanntair agus am beachdan a thoirt seachad orra.