Fèill mhòr air Tùr Chaisteil Inbhir Nis

  • 19 An Giblean 2017
An sealladh bho Chaisteal Inbhir Nis Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption An sealladh bho Chaisteal Inbhir Nis.

Chaidh gach àite a bha ri fhaotainn an-asgaidh airson sealladh fhaighinn bho mhullach Thùr Chaisteil Inbhir Nis a lìonadh dìreach 24 uairean a thìde às deidh dha fosgladh.

Tha an clàr ùr a chaidh a thogail aig a' chaisteal a' toirt cothrom do dhaoine coimhead sìos air feadh a' bhaile.

Chaidh an goireas fhosgladh Diluain agus bha 1,100 slot ga thabhainn do dhaoine an-asgaidh.

Thuirt High Life Highland, a tha a-ruith a' ghoireis às leth Chomhairle na Gàidhealtachd, gun deach a h-uile ticead an-asgaidh a ghabhail ro àm lòin Dimàirt.

Leasachadh

'S urrainn do dhaoine pàigheadh airson a dhol suas an Tùr bho Dhisathairne.

'S ann le Comhairle na Gàidhealtachd a tha an tùr agus tha iad ag ràdh gur e seo a' chiad cheum gus an caisteal a leasachadh mar ghoireas 'son luchd-turais a thàladh.

Chaidh an caisteal a thogail bho chionn 175 bliadhna agus tha seirbheis chùirteach a' bhaile stèidhichte anns an togalach an-dràsta.

Ach bidh a' chùirt agus na goireasan co-cheangailte rithe a' gluasad gu togalach a chaidh a dhealbhachadh a dh'aona-ghothach airson a leithid.

Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption An sealladh bho Chaisteal Inbhir Nis.
Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd