Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Theresa May

Tha aithrisean ann gu bheil am Prìomhaire, Theresa May, ag ullachadh airson innse gu bheil i am beachd taghadh a chumail tràth air an 8mh là den Ògmhios. Tha a' Bh-Ph. May ag ullachadh an-dràsta airson aithris taobh a-muigh Sràid Downing an ceann cairteal na h-uarach. Cha deach innse gu h-oifigeil dè th' aice ri ràdh ach tha i air a bhith a' toirt fiosrachaidh dhan Chaibineat anns a' mhadainn an-diugh.

Coirea a Tuath

Dh'aontaich na Stàitean Aonaichte agus Iapan cuideam dioplòmasach agus eaconamach a chur air Coirea a Tuath airson sgur den phrògram armachd niùclasaich aca. Thuirt Iar-Cheann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte, Mike Pence, a th' ann an Iapan an-dràsta, gun dèan Aimeireaga a dìcheall fuasgladh sìtheil fhaighinn le co-obrachadh còmhla ri Iapan, Sìona agus Coirea a Deas, ach gum feum iad beachdachadh cuideachd air a h-uile roghainn eile.

Pòsaidhean Gèidh

Bidh Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba air an ath-mhìos a' deasbad aithisg a tha a' moladh cead do mhinistearan pòsaidhean gèidh a dhèanamh anns an Eaglais. Dh'fhàg na h-uimhir de na ministearan agus coithionalan an Eaglais nuair a bhòt an t-Àrd-Sheanadh bho chionn sia bliadhna airson ministearan gèidh. Tha an aithisg ag ràdh gum bu chòir dhan Eaglais an leisgeul iarraidh airson nach tug i aithne do dhaoine gèidh mar Chrìosdaidhean.

An Tuirc

Chuir Dòmhnall Trump meal-a-naidheachd air a' Cheann-Suidhe Erdogan anns an Tuirc an dèidh dha soirbheachadh anns an referendum. Thuirt an Taigh Geal gun tug an Ceann-Suidhe Trump taing do Mhgr Erdogan airson a thaic dhan ionnsaigh Aimeireaganaich ann an Siria bho chionn cola-deug.

Cìsean Ionadail

Tha a' bhuidheann Reform Scotland ag ràdh gum bu chòir làn-smachd air cìsean ionadail, mar a' chìs chomhairle agus cìsean gnothachais, a thoirt dha na comhairlean agus gum bu chòir dhaibh na cumhachdan sin fhaighinn ro na taghaidhean comhairle air an ath-mhìos. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' sìor ghluasad gu ruige siostam cìse ionadail.