Sluagh Eige air clach-mhìle a ruighinn

  • 18 An Giblean 2017
Eige Image copyright Michael Wills/Geograph
Image caption Tha 105 duine a-nis a' fuireach air an eilean.

Tha Eilean Eige air clach-mhìle chudromach a ruighinn 's còrr air ceud duine a-nis a' fuireach air an eilean.

Tha dùil gu bheil 105 duine a-nis a' còmhnaidh air an eilean.

Fhuair muinntir Eige sealbh air an eilean ann an 1997 agus tha an sluagh air a bhith ag èirigh bhon uair sin.

Tha còignear chloinne ann am bun-sgoil an eilein, agus tha mu 20 duine cloinne ann an Eige uile gu leìr.