Bogsaichean fòn gan toirt air falbh

  • 18 An Giblean 2017
Bocsa fòn
Image caption Tha tòrr nas lugha dhaoine a-nis a' cur nam fònaichean gu feum

Tha BT an dùil mun chòigeamh chuid de bhogsaichean fòn a thoirt air falbh air feadh Alba 's tòrr nas lugha dhaoine a-nis gan cur gu feum.

Bha iad an dùil an toiseach mu 1,500 bogsa a thoirt air falbh ach, às dèidh dhaibh beachd iarraidh air comhairlean ionadail, chaidh sin a ghearradh gu 947 bogsa.

Tha BT ag ràdh gu bheil cleachdadh bhogsaichean fòn air tuiteam 90% anns an deich bliadhna a dh'fhalbh bho dh'fhàs fònaichean làimhe tòrr nas cumanta.

Thèid 72 bogsa fòn a chall ann an sgìre na Gàidhealtachd, le 98 gan glèidheadh.

Thog a' Chomhairle dragh mu sgìrean far nach fhaigh daoine tarraing fòn-làimhe 's iad ag ràdh gu bheil bogsaichean fòn deatamach ann an suidheachaidhean èiginneach.

Thèid na bogsaichean fòn air fad ann an Earra-Ghàidheal 's Bòd a ghlèidheadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile