Am Bail' Ùr troimh an Cupa MhicThàmhais

  • 18 An Giblean 2017
Bail' Ùr an t-Slèibh a' cluiche Cabar Fèidh

Chaidh Ceann Loch Seile, Gleann Urchadain agus Cill Mhàilidh troimhe chun na h-ath chuairt de Chupa MhicThàmhais air an deireadh sheachdain.

Fhuair Bail' Ur an t-Slèibh, aig a bheil an tiotal, troimhe cuideachd 's iad a buannachadh 3 gu 2 an aghaidh Cabar Fèidh.

Aig Deas chaidh 3 sgiobaidhean troimhe gu iar-chuairtean deireanach Cupa a' Chomainn Cheiltich.

Bhuannaich Inbhir Aora agus Glaschu Meadhan Earra Ghàidheal.

Agus fhuair Caol Bhòid troimh às dèidh dhaibhsan droinneadh a thoirt air Cille Mhoire 18 gu neoni aig Taigh na Bruaich.